Content-Length: 132299 | pFad | https://gd.wikipedia.org/wiki/Eabhraig

Eabhraig - Uicipeid Jump to content

Eabhraig

O Uicipeid
Eabhraig
baile-siorrachd, baile susbainteach, sgìre gun pharaiste, baile mòr
Cur air cois71 CE Deasaich
Ainm oifigeilYork Deasaich
Ainm dùthchasachJórvek Deasaich
Tar-sgrìobhadh IPAjɔːk Deasaich
Ainmichte às dèidhTaxus Deasaich
Neach bhon àiteeboracensi Deasaich
MottoLet the Banner of York Fly High Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Prìomh-bhaile deKingdom of Deira, Siorrachd Eabhrac Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailCity of York Deasaich
Roinn-tìdeUTC±00:00, UTC+01:00 Deasaich
Siorrachd eachdraidheilSiorrachd Eabhrac Deasaich
Domhan-leud is -fhad53°57′0″N 1°5′0″W Deasaich
Baile-céileDijon, Münster, Nanjing Deasaich
Na bha roimheEboracum Deasaich
Comharrachadh dualchaisTentative World Heritage Site Deasaich
Cód a’ phuistYO1, YO10, YO19, YO23, YO24, YO26, YO30, YO31, YO32 Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.york.gov.uk/ Deasaich
Cód fónaichean-talmhainn01904 Deasaich
Comharran-cléithe SOSE603517 Deasaich
Roinn-seòrsa an deilbhCategory:Views of York city Deasaich
Map

'S e baile eachdraicheil ann an Siorrachd Eabhraig a th' ann an Eabhraig, (Beurla: York) aithnichte cuideachd mar Iorc a rèir GOC, aig a bheil seann bhalla air a thimcheall. Tha am baile air a shuidheachadh far am bi dà abhainn (Ouse agus Foss) a' coinneachadh. Tha am baile ainmeil air sgàth eachdraidh beartaich, a chionn 's gu bheil e mu 2,000 bhliadhna dh'aois.

Shuidhicheadh am baile mar Eboracum ann an AD 71 leis na Ròmanaich is b' e fear an dà phrìomh-bhailtean de Breatainn Ròmanach air fad'. Fad an tràth seo, chaidh iomadh daoine eachdraidheil, mar Constaintìn Mòr, a chomannach leis a' bhaile. Riaghaileadh an rìoghachd Ròmanach air fad' bho Eabhraig fhèin fad' dà bhliadhna le Septimus Severus.

Às dèidh teachd nan Angles, chaidh ainm ùr Eoferwic a chuir air a' bhaile, is chleachdadh e mar prìomh-bhaile na rìoghachd Northumbria. Fhuair na Lochlannaich grèim air a' bhaile ann an 866, is chuir iad an t-ainm Jórvík air a' bhaile fhèin is sgìre fada nas fharsainge eile air a' thaobh thuath Shasainn. Mun bhliadhna 1000, dh' ainmeachadh am baile mar York.

Dh'iarr Ridseard I Shasainn air Eabhraig mar prìomh-bhaile Shasainn air fad' ach mus an do rinn e a' chùis a dhèanamh, chaidh e a chuir à dreuchd. Às dèidh cogaidhean nan Ròsan, thug Eabhraig taigh do Chomhairle an Tuath is dh'aithneachadh e mar prìomh-bhaile taobh tuath na dùthcha. B' ann às dèidh na h-Aisige a thòisich cudthrom poilitigeach a dhol a taobh. 'S e mòr-roinn Eabhraig a th' ann tè an dà roinn eaglaiseil, ri taobh Canterbury.

Bho 1966 's e teirm Baile Eabhraig a bhios ag ainmeachadh sgìre ùghdarrais a' gabhail a-steach sgìrean tuatheil thairis crìochan traidiseanta a' bhaile. Tha sluagh de 137,505 anns a' bhaile fhèin, ged a bhios 184,900 de dhaoine anns an ùghdarras air fad'. Aig an àm seo, bidh meadhan a' bhaile, taobh a-staigh nam ballaichean mòra, na h-àite thurasachd chudthromaich, far an deach iomadh luchd-chèilidh à gach ceàrnag an t-saoghail.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Annuaire de France








ApplySandwichStrip

pFad - (p)hone/(F)rame/(a)nonymizer/(d)eclutterfier!      Saves Data!


--- a PPN by Garber Painting Akron. With Image Size Reduction included!

Fetched URL: https://gd.wikipedia.org/wiki/Eabhraig

Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy