Burgos
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Burgos
Sgìre Castilla y León
Co-chomharran 42° 21' 22' Tuath
03° 37' 17' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 107.08 km²
Àireamh-shluaigh 179,906 (2009)
Dlùths 1,680.11/km²
Àireamh fòn + 34 947
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile mòr faisg air Vitoria-Gasteiz ann an cridhe na Spàinne a th’ ann am Burgos (IPA: burɣos). Tha e suidhichte aig 859m os cionn ìre na mara,[1] 224km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 618km bho Bharcelona.[2] Tha 179,906 daoine a’ fuireach ann am Burgos.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Burgos a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha a h-uile coltas ann gur ann à burgus ann Laideann - às a' Ghreugais Πύργος (pyrgos) airson tùr - a tha ainm a' bhaile. A bharrachd air sin, tha an t-eileamaid gu matha cumanta ann an Castilla. B' e Caput Castellae (Gàidhligː Ceann a' Chaisteil) a chanadh ris nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach. A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gur ann à baurg ann an Gotais a tha e, eadar na Ròmanaich agus na h-Arabaich.[4]

Eachdraidh

deasaich

B' e na Ceilt-Ibearaich o shean a stèidhich am baile agus b' ann leotha a bha an t-àite nuair a ràinig na Ròmanaich. Bha am baile agus an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach fad linntean, mar phàirt Hispania Citerior agus an uair sin Hispania Tarraconensis. Chruthaich Diego Rodríguez Porcelos caisteal an seo ann an 884,[5] air na crìochan eadar na Muslamaich agus Crìostaidhean. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6] B' ann anns a' bhaile seo a chaidh Lazarillo de Tormes fhoillseachadh airson a' chiad turais ann an 1554.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8] Stèidhichte Francisco Franco a phrìomh-bhaile an seo gu ruige deireadh a' chogaidh.[9]

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar agus an Lùnasdal na mìosan as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Burgos.[10] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 551mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' annː

 

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Aemet
  2. Distance Calculator
  3. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. Wright J., A Primer of the Gothic Language, 1982
  5. Condado de Castilla
  6. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  7. Fiore, Robert L. Lazarillo de Tormes. Boston: Twayne Publishers, 1984.
  8. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  9. Actas de Historia
  10. Aemet
  11. La Razón

Ceanglaichean A-mach

deasaich
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy