Content-Length: 184509 | pFad | https://gd.wikipedia.org/wiki/Foirmle_a_h-Aon

Foirmle a h-Aon - Uicipeid Jump to content

Foirmle a h-Aon

O Uicipeid
Foirmle a h-Aon
Suaicheantas Foirmle a h-Aon
Dùthaich Eadar-nàiseanta
Buidheann riaghlaidh FIA
Ciad seusan 1950
Dràibhearan 20
Sgiobaidhean 10
Solaraichean einnsein 4; Honda, Ferrari, Mercedes, Renault
Solaraichean taidheir Pirelli
Làrach-lìn oifigeil formula1.com
Seusan làithreach
Ìomhaigh den Mercedes Benz W196 leis an do choisinn Juan Manuel Fangio tiotalan 1954 agus 1955.

Is e Foirmle a h-Aon (ris an canar cuideachd Foirmle 1 no F1) an clas as àirde de rèiseadh chàraichean eadar-nàiseanta airson càraichean rèisidh aon-suidheach a tha fo ùghdarrais am Fédération Internationale de l’Automobile (FIA). Chaidh Farpais Dràibhearan na Cruinne a stèidheachadh ann an 1950. Tha am facal foirmle san ainm a' toirt iomradh air na riaghailtean ris an fheum na càraichean cumail.[1] Ann an seusan Foirmle a h-Aon, tha sreath de rèisean ris an canar Grands Prix (a' ciallachadh 'duaisean mòra' ann am Fraingis), a bhios a' gabhail àite air feadh an t-saoghail air cuairtean a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach agus air rathaidean poblach dùinte.

Toiseach Grand Prix na h-Ostaire 2018

Tha toraidhean gach rèis air am measadh a' cleachdadh siostam puingean gus dà Farpais Cruinne bliadhnail a dhearbhadh: tè airson dràibhearan, agus tèile airson luchd-cruthachaidh . Feumaidh Sàr-cheadachas no 'Super Licence' a bhith aig gach dràibhear.[2] Cuideachd, feumaidh na rèisean ruith air cuairtean a tha dearbhte leis an FIA aig ìre "1" ("A" roimhe seo), an ìre as àirde de chàileachd. Bidh a' mhòr-chuid de na tachartasan ann an àiteachan dùthchail, air cuairtean a chaidh an togail a dh'aona-ghnothach, ach bidh feadhainn dhuibh a' gabhail àite air sràidean mòr-bhailtean.

Rèiseadh agus ro-innleachd

[deasaich | deasaich an tùs]
Lewis Hamilton a' buannachadh air thoiseach air Jenson Button airson McLaren aig Grand Prix Chanada 2010

Bidh tachartas Grand Prix Foirmle a h-Aon a' ruith thairis air deireadh-sheachdain. Bidh e a' tòiseachadh le dà sheisean cleachdaidh Dihaoine (ach ann am Monaco, far am bi cleachdaidhean Dihaoine air an gluasad gu Diardaoin), agus aon seisean cleachdaidh madainn Dhisathairne. Tha cead aig dràibhearan eile (ris an canar mar as trice treas dhràibhearan) ruith air Dihaoine, ach chan fhaod gach sgioba ach dà chàr a chleachdadh. Mar sin, bidh aig fear dhe na dràibhearan àbhaisteach àite a leigeil seachad. Thèid seisean ro-fharpaiseach a chumail às deidh an treas sheisean cleachdaidh, air feasgar Disathairne. Bidh an t-seisean seo a' dearbhadh an òrdugh tòiseachaidh airson an rèis feasgar Didòmhnaich.

Riaghailtean taidhearan

[deasaich | deasaich an tùs]

Ro-fharpais

[deasaich | deasaich an tùs]

Brataichean

[deasaich | deasaich an tùs]
Dealbh Ainm Ciall
Bòrd SC

(Càr Sàbhailteachd)

Air a shealltainn an co-bhann ri bratach bhuidhe gus sealltainn gu bheil an Càr Sàbhailteachd air an t-slighe. Tha bratach bhuidhe làn-chùrsa a' buntainn. Feumaidh dràibhearan an t-àite aca a chumail agus casg a chur air an astair.
Bòrd VSC

(Càr Sàbhailteachd Mas-fhìor)

Air a shealltainn an co-bhann ri bratach bhuidhe gus sealltainn gu bheil an Càr Sàbhailteachd Mas-fhìor (VSC) ga chleachdadh. Rè na h-ùine seo, gheibh na dràibhearan amannan-roinne as ìsle a dh'fheumas iad fuireach os cionn. Tha bratach bhuidhe dhùbailte làn-chùrsa a' buntainn. Tha àm-lapa a' chàir air a thomhas an coimeas ris an àm stèidhichte seo aig gach post marasglaidh (timcheall air a h-uile 50 m), agus 's e "àm delta" a thathar a' gabhail air an eadar-dhealachadh. Tha an t-àm delta seo air aithris don dràibhear, agus feumaidh e fuireach os a chionn rè ùine VSC, air neo thèid an dràibhear a pheanasachadh.
Uaine Suidheachaidhean rèisidh àbhaisteach a' buntainn. Mar as trice chithear seo an dèidh bratach bhuidhe, gus sealltainn gu bheil an cunnart seachad. Tha bratach uaine air a sealltainn aig a h-uile stèisean airson an lapa às dèidh crìoch bratach bhuidhe làn-chùrsa (no càr sàbhailteachd). Tha bratach uaine cuideachd air a sealltainn aig toiseach seisean.
Buidhe A' comharrachadh cunnart air, no faisg air, an t-slighe (tha buidhe smèidte a’ comharrachadh cunnart air an t-slighe, tha buidhe reòtha a' comharrachadh cunnart faisg air an t-slighe). Bidh buidhe dhùbailte smèidte ag innse do dhràibhearan gun fheum iad fàs nas slaodaiche oir gu bheil marasglaichean ag obair air, no faisg air, an t-slighe agus bu chòir do dhràibhearan a bhith deiseil airson stad.
Striopan buidhe is dearg Slighe sleamhainn air sàillibh ola, uisge, no sprùilleach sgaoilte air an t-slighe. Chithear air a crathadh bho thaobh gu taobh (chan ann air a smèideadh) gus innse gu bheil beathach beag air an t-slighe.
Gorm Tha bratach ghorm ag innse gun fheum dràibhear leigeil le càraichean nas luaithe air a chùlaibh a dhol seachad, leis gu bheil iad ga lapadh. Ma tha brataichean gorma air an seachnadh 3 tursan, dh'fhaodadh na stiùbhardan an dràibhear a pheanasachadh.
Geal Ag innse gu bheil càr slaodach air thoiseach. Glè thric air a smèideadh aig deireadh sreath an t-sloc nuair a tha càr a' deiseachadh airson na slocan fhàgail.
Dubh le cearcall orains Tha càr air a mhilleadh no tha duilgheadas meacanaigeach aige; feumaidh e tilleadh chun t-sreath-sloc sa bhad. An cois àireamh an dràibhear.
Leth dubh leth geal A' toirt rabhadh do dhràibhear airson droch spòrs no giùlan cunnartach. Faodar a leantainn le bratach dhubh às dèidh barrachd droch-ghiùlain. An cois àireamh an draibhear.
Dubh Feumaidh an dràibhear tilleadh chun t-sreath-sloc sa bhad; mar as trice, tha dràibhear air a dhì-cheadachadh. An cois àireamh an dràibhear. Faodar seo a chur a-mach às deidh bratach leth dubh leth geal.
Dearg Bidh bratach dhearg a' cur stad air rèis no seisean sa bhad nuair a dh’fhàsas cùisean ro chunnartach airson cumail a' dol.
Bratach bhreacte Ga sealltainn aig deireadh an t-seisein cleachdaidh, ro-fharpaiseach, no rèisidh.

Siostam puingean

[deasaich | deasaich an tùs]
1d 2na 3mh 4mh 5mh 6mh 7mh 8mh 9mh 10mh LaL*
25 18 15 12 10 8 6 4 2 1 1

* Feumaidh dràibhear crìochnachadh taobh a-staigh nan deich as àirde gus puing fhaighinn airson an lapa as luaithe den rèis. Ma thig an dràibhear a rinn an lapa as luaithe gu crìch taobh a-muigh nan deich as àirde, cha tèid a' phuing a thoirt seachad airson an rèis sin idir.[3]

Luchd-cruthachaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Dràibhearan

[deasaich | deasaich an tùs]

Sreathan-lìonaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Às dèidh F1

[deasaich | deasaich an tùs]
Ghabh Mark Webber pàirt ann am Farpais Seasmhachd na Cruinne às deidh dha F1 fhàgail
Bidh mòran de dhràibhearan a bh' ann an F1 roimhe a' gabhail pàirt ann am Foirmle E (san dealbh gu h-àrd tha Felipe Massa ).

Bidh a' mhòr-chuid de dhràibhearan F1 a' fàgail nuair a bhios iad anns na 30an aca. Tha cuid de dhràibhearan F1 air fàgail gus rèiseadh anns na Stàitean Aonaichte - chaidh Nigel Mansell agus Emerson Fittipaldi an aghaidh a chèile airson tiotal CART 1993, ghluais Rubens Barrichello gu IndyCar ann an 2012, agus ghluais Jacques Villeneuve, Juan Pablo Montoya, Nelson Piquet Jr., agus Scott Speed uile gu NASCAR .



Grands Prix

[deasaich | deasaich an tùs]
Mapa saoghail a' sealltainn far am bi Grands Prix Foirmle 1: tha na dùthchannan ann an uaine air a' chlàr rèis an-dràsta; tha na feadhainn ann an dubh-ghlas air rèis Foirmle 1 a chur air dòigh ron a seo (tha inbhe de facto nan sgìrean air a shealltainn)

Tha an àireamh de Grands Prix ann an seusan air atharrachadh thairis air na bliadhnaichean. Cha robh ach seachd rèisean anns a' chiad bhliadhna, 1950, ach 's iad 2016, 2018, agus 2019 nam bliadhnaichean leis a' chuid as motha de rèisean - aon rèis air fhichead. Bha dà rèis air fhichead air a' chiad chlàr aig Farpais na Cruinne 2020, ach air sàillibh buaidh COVID-19, cha deach ach seachd rèisean deug a chumail. A dh'aindeoin a' phandemic, chaidh mìosachan Farpais na Cruinne 2021 fhoillseachadh le trì rèisean air fhichead air.

Rèisean air tilleadh (2008 - an-diugh)

[deasaich | deasaich an tùs]





Iomairt Àiteachan Ùra (2008 - an-diugh)

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Clò trom a' comharrachadh Grands Prix a chaidh an clàradh mar phàirt de sheusan 2021

Grands Prix san àm ri teachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Clò trom a' comharrachadh Grands Prix a chaidh an clàradh mar phàirt de sheusan 2021.

Gu h-ìosal tha liosta de phlanaichean fhoillsichte airson Grands Prix ùr.

Buaidhean COVID-19

[deasaich | deasaich an tùs]

Càraichean agus teicneòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Teachd-a-steach agus prothaidean

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-àm ri teachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Uallach a thaobh na h-àrainneachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Craoladh sna meadhanan

[deasaich | deasaich an tùs]

Eadar-dhealachadh eadar rèisean Foirmle a h-Aon agus rèisean Farpais na Cruinne

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Discovering What Makes Formula One, Formula One(Beurla). Air a thogail 27 Gearran 2021.
  2. 2021 FORMULA ONE SPORTING REGULATIONS(Beurla). Fédération Internationale de l’Automobile. Air a thogail 27 Gearran 2021.
  3. Formula One approves new point for fastest lap rule(Beurla). ESPN. Air a thogail 27mh dhen Ghearran 2021.
  4. Formula 1 to race in Mexico City until at least the end of 2022(Beurla). Formula1.com. Air a thogail 27 Gearran 2021.








ApplySandwichStrip

pFad - (p)hone/(F)rame/(a)nonymizer/(d)eclutterfier!      Saves Data!


--- a PPN by Garber Painting Akron. With Image Size Reduction included!

Fetched URL: https://gd.wikipedia.org/wiki/Foirmle_a_h-Aon

Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy