Jump to content

Gnàth-shìde

O Uicipeid
Mapa Sìmplidh Gnàthan-shìde na Cruinne

'S e figearan (mar as àbhaist, cuibheasachd air neo seachranachd) na h-aimisire san àile fad 30 bliadhna a th' ann an gnàth-shìde.[1] Bithear a' meudachadh phàtarain fiaraidh ann an ìre teodhachd, taisead, bruthadh na h-àile, Gaoth, agus sileadh, agus bithear a' cunntadh nam bloigheagan san àile agus rudan caochlaidheach eile na sìde ann an sgìre air choireigin fad ùine caran fada. 'S ann gu math eadar-dhealaichte 's a tha gnàth-shìde bhon aimsir, leis nach eil an aimsir a' toirt thugainn ach iomradh air an t-suidheachadh fad ùine gu math goirid.[2] 'S e siostam gnàth-shìdeach na sgìre a chruthaicheas a' ghnàth-shìde, air a stèidheachadh air na còig eileamaidean a leanas: an àile, an haidro-chruinne, a' chridheo-chruinne, a' chlach-chruinne agus a' bith-chruinne.

Bheir domhan-leud, cruth na tìre agus àirde buaidh mhòr air gnàth-shìde sgìre, a bharrachd air lochan, marannan agus an cuid sruthan. Bidh gnàth-shìdean air an seòrsachadh a rèir nam figearan cuibheasach agus nan raointean àbhaisteach a th' aca, mar as àbhaist teodhachd agus sileadh. 'S e an siostam Köppen, air a dhealbhadh le Wladimir Köppen, am bithear a' cleachdadh mar as trice.[3] Tha siostam eile ann - an siostam Thornthwaite - a tha air a bhith ga chleachdadh bho 1948 a-mach, a bheir a-steach dèabh thar-analachadh, còmhla ri fiosrachadh mu theodhachd/sileadh agus thathar ga chleachdadh ann an rannsachadh mu bhith-iomadachd agus a' bhuaidh a bheir atharraidhean na Gnàth-shìde oirre.[4] 'S ann air freumhan nan tomadan adhair - a chruthaicheas gnàth-shìde na sgìre - a tha na siostaman Bergeron agus Spacial Synoptic stèidhichte.[5]

'S e rannsachadh mu ghnàth-shìde àrsaidh a th' ann am paleo-eòlas-ghnàth-shìde. Bidh luchd-rannsachaidh a' cruthachadh mhodailean stèidhichte air caochladairean progsaidh mar fhianais neo-bhitheach mar ghrùidean air an lorg anns na h-ìrean lacustain agus bun-deighe, agus fianais bhitheach mar fhàinneachan chraobhan agus corail, air sàilleabh nach eil figearan ann mu na làithean ron 19mh Linn.[6] 'S e modailean matamataigeach nan gnàth-shìdean a dh'fhalbh, a th' ann a-nis air neo a tha ri teachd a th' ann modailean gnàth-shìdeil. Faodaidh atharrachadh na gnàth-shìde a thachairt fad ùine fhada no ghoirid air sgàth caochladh factar: 's e atharrachadh gu math ùr a th' ann blàthachadh na cruinne.[7]

Ceanglaichean A-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. IPCC
  2. NASA
  3. DNB
  4. Argon
  5. UDEL
  6. UPRM
  7. Cambio Climátoco Global
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy