Guy de Maupassant
Guy de Maupassant | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Henry-René-Albert-Guy de Maupassant |
Breith | Tourville-sur-Arques agus Dieppe, 5 dhen Lùnastal 1850 |
Dùthaich | An Fhraing |
Àite-fuirich | Q124356325 |
Ciad chànan | Fraingis |
Bàs | Passy, 6 dhen Iuchar 1893 |
Àite-adhlacaidh | cladh Montparnasse |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (a' bhalgach-Fhrangach) |
Teaghlach | |
Athair | Gustave de Maupassant |
Cèile | no value |
Foghlam | |
Foghlam |
Lycée Henri-IV (en) (1859 - Q123138282 (1863 - dhen Chèitean 1868) Lycée Pierre-Corneille (en) (1868 - 1869) |
Cànain | Fraingis |
Luchd-teagaisg | Gustave Flaubert |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair sgeulachdan goirid, sgrìobhaiche-dràma, neach-naidheachd, nobhailiche, sgrìobhadair agus bàrd |
Obraichean comharraichte |
Bel-Ami (en) Boule de Suif (en) Une Vie (en) The Horla (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Buaidh | Honoré de Balzac agus Émile Zola |
Gluasad | fìorachas |
Far-ainmean | Joseph Prunier, Guy de Valmont agus Maufrigneuse |
Seirbheis san arm | |
Strì | Cogadh na Frainge 's na Pruise |
IMDb | nm0560943 |
maupassantiana.fr… | |
B’ e Guy de Maupassant, neo Henry-René-Albert-Guy de Maupassant, ùghdar Frangach. Rugadh e air 5mh latha dhen Lùnastal 1850 anns a’ Chaisteal Miromesnil ann an Tourville-sur-Arques (Normandie) agus chaochail e air an 6mh latha dhen Iuchar 1893 ann am Paris.[1][2]
Bha e gu math dlùth air Gustave Flaubert agus Émile Zola, agus thug e buaidh mhòr air litreachas na Frainge leis na sia nobhailean aige, Une Vie 1883, Bel-Ami 1885, Pierre et Jean 1887-1888 nam measg, ach gu seachd àraidh leis a chuid sgeulachdan (còrr is 300) mar Boule de Suif1880, Les Contes de la bécasse 1883 neo Le Horla 1887. Tha a chuid obrach cho tarraingeach oir tha i làn fìorachas neartmhor, aogas mòr gaotharlanachd agus air sàilleabh an eu-dòchais a sgaoileas i gu tric, ach cuideachd o chionn 's gu bheil stoidhle fìor-mhath aige.
Cha robh Guy de Maupassant an sàs anns an litreachas ach fad deichead – bho 1880 gu ruige 1890 – oir dh’fhàs e, beag air bheag, neo-chiallach gus a bhàsaich e aig dìreach 42 bliadhna a dh’aois. Ainmeil nuair a bha e beò, tha Guy de Maupassant fhathast gu math cliùiteach gus an latha an-diugh, agus tha na sgrìobh e a bhith a dhol bho neart gu neart is a chuid obrach e a’ nochdadh daonnan anns na filmichean.
Teaghlach
[deasaich | deasaich an tùs]'S e seann teaghlach beartach a bhuineadh do Lorraine o shin, ach air a stèidheachadh anns an Normandie bho mheadhan na 19mh linne a bh’ anns na Maupassant. Phòs athair Ghuy, Gustave de Maupassant, ri Laure le Poittevin ann an 1846, is ise nighean a bhuineadh do teaghlach gu math bùirdeasach. 'S e càirdean Gustave Flaubert a bh’ innte is a bràthair Albert: Thug Flaubert, mac dotair lannsa à Rouen agus sàr-ùghdar Frangach cuideachd, buaidh mhòr air beatha Ghuy de Maupassant. 'S e boireannach fa leth foghlaimte a bh’ ann an Laure le Poittevin agus bha i uabhasach dèidheil air an litreachas clasaigeach, gu seachd àraidh William Shakespeare. Rugadh Hervé, am bràthair beag aig Guy, ann an 1856. Theich Laure le Poittevin bhon a’ fhear-chèile ann an 1860 o chionn' s nach robh e cho tairiseach dhi, agus chaidh i gu Étretat leis an dithis mhac aice. Chaochail i an dèidh a chuid chloinne is a fear-chèile.
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Boule de Suif (1880) (leabhar internet)
- La Maison Tellier (1881) (leabhar internet[dead link])
- Une partie de campagne (1881)
- Mademoiselle Fifi (1882) (leabhar internet[dead link])
- Ce cochon de Morin (1882)
- La Folle (1882)
- La Légende du Mont-Saint-Michel (1882)
- La Ficelle (1883)
- Deux Amis (1883)
- Une vie (1883)
- Aux champs (1884)
- Une vendetta (1883)
- Contes de la bécasse (1883) (leabhar internet[dead link])
- Au soleil (1884)
- Clair de lune (1883) (leabhar internet[dead link])
- Les Sœurs Rondoli (1884)
- Yvette (1884)
- La Parure (1884)
- Miss Harriet (1884)
- Un fou ? (1884)
- Adieu ! (1884)
- L'Héritage (1884)
- Monsieur Parent (1885)
- Lettre d'un fou (1885)
- Bel-Ami (1885)
- Contes du jour et de la nuit (1885)
- Le Horla a’ chiad dreach (1885) (leabhar internet)
- Le Horla an darna dreach (1887)
- Mont-Oriol (1887)
- Sur l'eau (1888)
- Pierre et Jean (1887/1888) (leabhar internet[dead link])
- Le Rosier de Madame Husson (1888)
- Le Port (1889)
- Fort comme la mort (1889) (leabhar internet[dead link])
- La Main gauche (1889) (leabhar internet[dead link])
- Histoire d'une fille de ferme (1889)
- Mouche (1890)
- La Vie errante (1890)
- Notre cœur (1890)
- L'Inutile Beauté (1890) (leabhar internet[dead link])
- Le Père Millon (1899)
- Le Colporteur (1900)
- Les Dimanches d'un bourgeois de Paris (1900)
- La Chevelure
- Le Masque
- Rose
- Pierrot
- Madame Baptiste
- Histoire vraie
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]