Humphry Davy
B' e ceimigear agus creag-eòlaiche Sasannach a bha ann an Humphry Davy, (Penzance, a’ Chòrn, 1778–Geneva, an Eilbheis, 1829). Tha e ainmeil airson a rannsachadh ceimigeach agus lampa sàbhailteachd airson mèinnearan.
Bha e na sgoilear aig an sgoil-ghràmair ann an Truro agus dh'obraich e ann am Pennsans mar phreantas ri poitigeir.[1]
Bristol
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh sin ghluais e do Bhristol far an do lorg e na buaidhean N2O no gas gàireach. Thachair e ri na bàird Robert Southey agus Samuel Taylor Coleridge agus dheasaich e an dàrna eagran de Lyrical Ballads le William Wordsworth.
Lunnainn
[deasaich | deasaich an tùs]Dh'obair e mar leas-òraidiche agus ann an sin mar stiùiriche aig an Institiud Rìoghail ann an Lunnainn eadar 1801 agus 1825. B' e fear de na chiad rannsaichean a chleachd am bataraidh a dh'innlich Alessandro Volta ann an 1800 airson na ceimigeachd. Lorg e bòron, sodium is potasium agus dh'ainmich e clòrain. Chaidh e na fhrith-bharan ann an 1818 agus dh'fhrithealaich e mar cheann-suidhe a' Chomainn Rìoghail eadar 1825 agus 1828. Chaochail e 29 an Cèitean 1829 ann an Geneva.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Sir Humphry Davy (1778–1829)”. Institiud Rìoghail. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023.
- ↑ “Sir Humphry Davy (1778 - 1829)”. BBC History. Air a thogail 5mh dhen Dàmhair 2023.