Jump to content

Tuigse inntealta

O Uicipeid
ELIZA, bot-cabadaich às na 1960an

'S e tuigse ann an innealan an àite ann am beathaichean a tha ann an tuigse inntealta.

Mar eisimpleir, tha algairimean as urrainn dhaibh tàileasg is Go a chluicheadh, beathaichean ann an dealbhan aithnicheadh is teacsaichean eadar-theangachadh.

Sgrìobh Alan Turing "Computing Machinery and Intelligence" ann an 1950, anns an do mhol e an Deuchainn Turing. Bha geama Bhictòrianach ann far nach do rinn na cluicheadairean conaltradh ach tro nòtaichean sgrìobhte. Dh'fheum na cluicheadairean tuairmse a dèanamh am b' e boireannach no fireannach a bha anns na cluicheadairean eile. Nam b' urrainn do choimpiutair an geama seo a chluicheadh, carson nam biodh e tuigseach?[1]

Ann an 1963 stèidhich Dòmhnall Michie buidheann rannsachaidh ann an tuigse inntealta aig Oilthigh Dhùn Èideann. Thàinig Richard Gregory is Christopher Longuet-Higgins ann an 1966 is chaidh Roinn Tuigse Inntealta is Lèirsinn a stèidhicheadh. Chaidh an roinn a roinn an dèidh do dh'Aithris Lighthill anns na 1970an.[2]

Tha modalan-cànain fasanta aig an àm seo ach tha Timnit Gebru is Emily Bender an dubh-chàineadh air sgàth 's gu bheil iad daor, gu bheil am pròiseas trèanaidh a' milleadh an àrainneachd is gu bheil na modalan ag ath-riochdachadh claonaidhean ann an dàta an trèanaidh.[3]

Ann an saoghal na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Chruthaich Google siostam eadar-theangachaidh air loidhne ann an 2016[4] agus mar sin tha mòran droch eadar-theangachaidhean le inneal bho Bheurla gu Gàidhlig ri cheannachadh air Amazon.[5]

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Oppy, Graham, ⁊ Dowe, David: “The Turing Test”. Stanford Encyclopedia of Philosophy (Winter 2021 Edition). Oilthigh Stanford.
  2. Howe, Jim (2007): “Artificial Intelligence at Edinburgh University : a Perspective”. Oilthigh Dhùn Èideann. Air a thogail 9mh dhen Chèitean 2022.
  3. Bender, Emily E., Gebru, Timnit, McMillan-Major, Angelina ⁊ Shmitchell, Shmargaret (Am Màrt 2021): “On the Dangers of Stochastic Parrots: Can Language Models Be Too Big? 🦜,” ann an: FAccT '21: Proceedings of the 2021 ACM Conference on Fairness, Accountability, and Transparency, td. 610–623. Air a thogail 9mh dhen Chèitean 2022.
  4. Google Translate sa Ghàidhlig”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Ghearran 2016. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2024. 
  5. Quinnell, Teàrlach, Mac'Illinnein, Fionnlagh: “AIdh AIdh, an e GÀIdhlig a tha sin?”, Naidheachdan a' BhBC. 7mh dhen Mhàrt 2024. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2024. 
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy