Jump to content

Aiud

O Uicipeid
Aiud
Nagyenyed
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Alba
Co-chomharran 46° 18 44' Tuath
23° 43 45' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 142.2 km²
Àireamh-shluaigh 22,876 (2011)
Dlùths 160.87/km²
Àireamh fòn +40 02 58
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile eadar Cluj-Napoca agus Alba Iulia, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Aiud (IPA: ˈaˈjud, Ungairis: Nagyenyed, IPA: ˈnɒɟɛɲɛd, Gearmailtis: Straßburg am Mieresch). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mureș, aig 258m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Alba. Tha 22,876 duine a' fuireach ann.[1]

'S ann à ainm an Naoimh Aegidius ann an Laideann agus an t-iar-leasachan -ad ann an Ungairis s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia agus thathar dhen bheachd gu robh an tuineachadh Ròmanach Brucla faisg air a' bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1293. Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[3] Ghabh muinntir a' bhaile ris an Ath-Leasachadh anns an 16mh Linn agus bha Aiud aig teis-mheadhain Calbhanachas san dùthaich fad linntean. Rinn reubaltaich à Romàinia murt air mu 1,000 daoine an seo ann an 1849.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy