Burgos
Burgos
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Burgos | ||||
Sgìre | Castilla y León | ||||
Co-chomharran | 42° 21' 22' Tuath 03° 37' 17' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 107.08 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 179,906 (2009) | ||||
Dlùths | 1,680.11/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 947 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile mòr faisg air Vitoria-Gasteiz ann an cridhe na Spàinne a th’ ann am Burgos (IPA: burɣos). Tha e suidhichte aig 859m os cionn ìre na mara,[1] 224km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 618km bho Bharcelona.[2] Tha 179,906 daoine a’ fuireach ann am Burgos.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Burgos a th’ann cuideachd.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha a h-uile coltas ann gur ann à burgus ann Laideann - às a' Ghreugais Πύργος (pyrgos) airson tùr - a tha ainm a' bhaile. A bharrachd air sin, tha an t-eileamaid gu matha cumanta ann an Castilla. B' e Caput Castellae (Gàidhligː Ceann a' Chaisteil) a chanadh ris nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach. A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gur ann à baurg ann an Gotais a tha e, eadar na Ròmanaich agus na h-Arabaich.[4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e na Ceilt-Ibearaich o shean a stèidhich am baile agus b' ann leotha a bha an t-àite nuair a ràinig na Ròmanaich. Bha am baile agus an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach fad linntean, mar phàirt Hispania Citerior agus an uair sin Hispania Tarraconensis. Chruthaich Diego Rodríguez Porcelos caisteal an seo ann an 884,[5] air na crìochan eadar na Muslamaich agus Crìostaidhean. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6] B' ann anns a' bhaile seo a chaidh Lazarillo de Tormes fhoillseachadh airson a' chiad turais ann an 1554.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8] Stèidhichte Francisco Franco a phrìomh-bhaile an seo gu ruige deireadh a' chogaidh.[9]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar agus an Lùnasdal na mìosan as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Burgos.[10] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 551mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' annː
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Brugge, A' Bheilg
- Loudun, An Fhraing[11]
- Morelia, Meagsago
- Pessac, An Fhraing
- San Juan de los Lagos, Meagsago
- Settat, Maroco
- València, An Spàinn
- Vicenza, An Eadailt
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Aemet
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Wright J., A Primer of the Gothic Language, 1982
- ↑ Condado de Castilla
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Fiore, Robert L. Lazarillo de Tormes. Boston: Twayne Publishers, 1984.
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Actas de Historia
- ↑ Aemet
- ↑ La Razón